Cuairt timcheall Pàrlamaid na h-Alba

Tha togalach Pàrlamaid na h-Alba gu math drùidhteach, agus gu math ùr-nodha – gu h-àraidh an coimeas ri Taighean na Pàrlamaid aig Westminster. Bha treòraiche glè fhiosrachail againn, a bhruidhinn chan ann a-mhàin air mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair, ach cuideachd air eachdraidh na Pàrlamaid ann an Alba – dè thug gu fèin-riaghladh, agus mar sin air adhart. Continue reading

Taigh-tasgaidh, Muileann agus Michael an Cat

B’ e Sailcirc mo cheann-uidhe, far an robh mi a’ dol a thadhal air Muileann Tartain Loch Carrann airson cuairt threòraichte. B’ e cuairt gu math inntinneach a bh’ ann. Dh’ionnsaich mi mu mar a thèid tartan fhighe, mar a thèid a dhealbhadh, agus mun diofar eadar dathan Ancient, Modern agus Weathered. Tha dà dhreach aig tartanan mo theaghlaich fhìn – Ancient agus Modern. Continue reading

A’ draibheadh gu Sruighlea: rathaidean-mora, bùithtean tuathanais, caistealan agus parlùraichean reòiteig

B’ e latha slàn draibhidh a bh’ ann, le faisg air 400 mìle ri dhèanamh. Bhris mi an turas suas le grunn stadan, agus bha sin fìor mhath oir rinn e an latha gu math tlachdmhor. Ann an dòigh air choreigin, b’ e an trafaig as miosa a bh’ agam fad an latha aig Birdlip air an A417, mus robh mi fiù ‘s air Gloucestershire fhàgail! Continue reading